Skip to content

Chapter XIII: Introduction (12)

Text size

Fleadh mhor a rinneadh le Fionn, innis dhuit a Thailgein,
Bu iomadh duine a bha ann, d’ Fhianaibh Alba ’us Eirinn.
Feoraicheas Mac Moirne mòr de ’n rioghain bu gheal glòir,
Am faca tu fleadh ghara o thainig tu do Fhianaibh Eirinn?
Do fhreagair sin Fionn nam Fiann, bu mhaith uile soir ’us siar,
Dubhairt gum faca fleadh bu gharra no gach fleadh Fheinn riamh
an Eirinn.
Chunnamar thugain o’n tonn laoch mor arachdach foltionn,
Gun aon duine aig ach e féin, bu mhaith an t-oglach esan.
Mar thainig se an ceann nam Fiann a dubhairt an t-oglach bu
chaomh ciall,
Tarsa leamsa nis, Fhinn, ’us beir ceud laoch a’d thimchioll,
Deich mic fhichid Moirne moir, beir leat an tùs do thionaill,
Fear ’us ochd dhe’d chlann féin, beir us Osgar do dh’ Fhiann Feinn,
Beir deichnear de chlannaibh Smoil, us fichead de chlannaibh Ronain,
Beir de chlann Mudhain leat, deichnear eile gun Diarmad,
Beir leat Diarmad o Duinn, b’fhear na suiridh ’us na seilg,
E féin ’us Caoruill ’ad long deichnear de dhaoine ’us de dh’
fhoruinn.
Beir naoinear de ghillibh leat, a b’fheairde thu a bhi agad,
Agus tusa féin a Fhinn, a mhic aibheasaich, airmghrinn,
Beir ceud laoch leat air tonn de ghnàth mhuinntir Fhinn Mhic
Cumhail,
Ceud sgiath gon mionna ’n òir, d’ Fhionn Mac Cumhaill mhic
Threinmhoir,
Beirse leat a nis, a Fhinn, an da chon is fearr ’an Eirinn,
Beir Bran ’us Sgoilean leat, luaithe de dh’ fhoruinn ag imeachd.
Na bitheadh faitcheas ort, a Fhinn, do radh an t-oglach ard
aoibhinn,
Tugar fo bhuaidh ad thì do bhi air ar sluaigh ’us soithichibh.
Glòir anmhaith tharladh ’ad cheann, oglaich ud a thainig thugainn,
Mum faigheann tu am fianuis Fhinn do bhitheadh do cheann gun
choluinn,
Do chomhradh ni chuiream an suim a Chonain mhaoil nam beuman,
Is misd an sluagh do bhi ann, a ta tu aghara, anmhuinn,
Eiribhse chlanna Baoisgne ann, ars’ Conan an anaithne.
Gabhas gach neach dhiubh arm laoich, thig na Fianna as gach
aon taobh,
Marbhar an sin mac do Fhionn, Fiann geal a ghlaca ghrinn,
As mac de ghillibh Mic Moirne bu mhaith ’n cath Chruinnbhuain,
Eireas a Fhearghuis ann ’us deanas an iorghuill,
Feoraich am bi a chuid aig Goll do Chonan an anaithne,
Do bheirinnse a bhreith féin do Fhionn, do ràdh Goll mòr nam beuman,
Bheir Conan ’n a mise a cheann na buinid as an t-eanchain.
Ferghus, Caol, deich thar fhichead an gleann, air nach léir riamh
chi fearainn,
E gun fhios nam Fiann aig Fionn; truagh an sgeul so a Thailgein.
Fada leam a Thailgein threin, nach fhaic mi daoine de ’n Fheinn,
Iad a sealg o ghleann gu gleann, ’us mac eilde ’nan timchioll;
B’ionmhuinn leam Oisian Mac Fhinn, na h-aon cheann a chaidh dheth;
Thar gach duine de ’n robh ann, do b’ionmhuinn leam Fionn an
fhleidh.
Fleadh.

* * * * *

Truagh leam tulach na Feinn, aig na cleirichibh fo dhaoirse,
’Us dana luchd nam billeag, an ionad clanna Baoisgne,
Do fhaighear mise a Rath Chruachain, seal fo do bhruachaibh
gu sugach,
Is beag a shaoileas gun tarfainn an Tailgean air do mhullach.
Do fhaighear mo sgiath ’us sleagh, con ’us gadhair fa d’ bhalla,
Ge’d tha an nochd cnoc na Feinn, fo chleirichibh ’us fo bhachlaibh.
Na ’m maireadh clanna Moirne, ni bhitheadh fear an ordsa seathardha,
Do gheibheadh sibh ’ur grabail, a luchd na bachuile brice.
Na’m maireadh Mac Lughaidh, ’s a sé cuiridh chalma,
Sol fhàgas an tulach, do bhi bhur culaidh gearr.
Na ’m maireadh clanna Ceairde, fir nach fir cheileadh basa,
Ni bhitheadh bhur cluig ’s ’ur bachla, an ionad nam bratach.
Na’m maireadh clanna Mudhain, fir nach b’anmhuinn an trodaibh,
Ni bhitheadh do mhuinntir a Phadruig, gu laidir ’n an cnocaibh.
Na ’m maireadh clann an deagh Ghoraidh, na ’m maireadh Caoilte
cruadhach,
Ni bhitheadh gair chlog ’us chleireach, ’g an éisdeachd an Rath
Chruachain.
Na’m maireadh Raoine ruadha, ’us Caol crodha mac Reabhain,
Ni bhitheadh do leabhar r’a cheile, fhir a leughas am Biobul.
Agus na luirge cruinne, do rinn an siubhail domhain,
Do bhitheadh do lorg ’n a bhrosna, na ’m bitheadh Osgar air làr.
Fhir an trostain bhuidhe, do rinn an suidh sonda,
Is maith dhuit nach marruinn Conan, fa bhuineadh dorn duit.
Na’m maireadh an Sulghorm saor, Conan maol macamh nam Fiann,
A chleirich ge mòr do dh’ ord, do bhuineann duit dorn gu dian.
Na ’m maireadh Mac O’Dhuinn, fhir na luirge croise,
Do bhitheadh do lorga smiste, briste fo charragh cloiche.
Fhir a chluig mar shaoilim, na ’m bitheadh Daoruing ’n a bheatha,
Do bhitheadh do chlog ’n a reubach, uaith fa eudan a charraigh.
An ior dhearg, a sheanair, da chitheadh air gath gaoith Mhic Ronain,
Ni bhitheadh do chlog gu h-ainnis, fhir a sheinneas an gòlan.
Ni fhaodam bhi gu subhach, ni fhaiceam Mac Cumhail ’s a bheatha,
Ni fhaiceam Diarmad O’Duinn, ni fhaiceam Caoilte Mac Ronain;
Ni h-ioghnadh mi bhi gu dubhach, air an tulach so, Phadruig,
Ni fhaiceam Mac Lughaidh, ni fhaiceam an coileach gràdhaichte;
Ni fhaiceam Fear luath u’m thaobh, ni fhaiceam Osgar na Feinn;
Ni fhaiceam an imirt mhòr ni fhaiceam a chonairt chaomh,
Ni fhaiceam clanna Smoil, ni fhaiceam Gall mòr ’an gniomh.
Ni fhaiceam Faolan fiall, ni fhaiceam ’n a dheigh an Fheinn,
Ni fhaiceam Fearghus mo bhràthair, le ’r mithich le ’r mholta,
Ni fhaiceam Daoire duanach, o’m faigheamaid ceòl gach uaire,
Ni fhaiceam Fatha Canan, nach bi thu againn air uaire.
Ni fhaiceam aicme dhe ’r foruinn da bu mhòr torrun air clàr,
Ni fhaiceam aoibhneas na òl, ni cluinneam an ceòl do bhi,
Sul do chuireadh mi am uaigh, do bhronnainn féin òr gu luath.
Inniseam dhuit, a Phadruig, nam b’ ailleam theachd tharsta,
Nach faodam a fhileadh, na fhaca mi dh’ aoibhneas aca.
Mise ’us Cleirich nam portos, nocha tarruingeam ri chéile,
Ge ta mi an nochd gu dubhach; is truagh leam tulach na Feinn.
Truagh leam.
* * * * *

Do fhileas mise a Ghrainne, chunnacas an goire Mhic Cumhail,
Bhi mar a taim ’s an éigin is beart nach faodar fhulang.
Do fhàcas cluiche ’us coghair air chompan ghabh nise tàire,
Do fhacas mnathan gon gillibh, is do fhileas mise a Ghrainne.
Do fhacas muirn ’us meoghar, cuirm ’us greigh ghrinn ’us gàire,
Do fhacas cluiche fìdhle, ’us do fhileas mise a Ghrainne.
Caoilte mor ’us Mac Lughaidh, dithis air nach d’rainig tàire,
Air fioch nior ro mhaith ruinne, do fhileas mise a Ghrainne.
Goll ’us Osgar ’us Oisian, aicme nach corra part,
Do b’ionmhuinn leo sin sinne, do fhileas mise a Ghrainne.
Fionn féin an aigne ro mhir, is uaith a gheibheamaid faillte,
Do fhacas muirneach e ’us do fhileas mise a Ghrainne.
Mar a bhitheas an naoi cathan, dhomhsa ni h-aobhar ghàire,
A coimhead uaimhe bhige do fhileas mise a Ghrainne.
A dol thar bheanntaibh borrafadh, ’us air mhullach fhormnach bhàn,
Ni mor nach tuirseach sinne, do fhileas mise a Ghrainne.
A triall tir eas ruaidh romhainn, is beag na’r obair mo fhàil,
Fa ruathar geillt glinne, do fhileas mise a Ghrainne.
Bhitheam gu fad ’us gu h-aithghearr a tasdail Eirinn àine.
Is treun do fhaighear sin sinne, do fhileas mise a Ghrainne.
Do fhileas mise.

* * * * *

La a robh an Dundealgain, Cuchulain nan cruth deanta,
O taid con cur air a ghean, gun sluagh uile ’n a fhochair;
O thall’ an oil air an éiridh mach, gum facadar an Fheinn uile,
Ceilltach feacach fuathach fa’n ealta luidh dha shleitibh;
Gur b’e an annsachd uile, mnathan Choige clanna Rughraidh,
An cuir sin bu dheacair riamh, cur ris an ealtan d’fhaigheail;
An dochas laimh laoich; aiteadar athair Chonlaoich,
Na h-eoin go Daoirinn dealbhach, saor bhinn Cholla an gallaibh;
Gabhas an crann tabhaill glan Cuchulain gu ...
’An laimh bu mhaith treoir air mor na h-eoin gur ...
Roinntear an ealta uatha, nior dhearmaid umpa ach Eimhear,
Gabhas Eimhear rachd fa ’n roinn, deimhin nior cheart a chaoimh;
Gealladar bhith ’n a éiric sin, na ceud eoin eile dh’ Eimhear,
Le’r torchradh air taobh a chnuic le treibhe nan urchuir an éiric
An ceann triall thigead gu caithir da ni gon eigis dhuanach,
Ni robh fear gun e orra, bhi slabhraidh oir clatrach.
Thug bancheile Chonchulain gràdh do ’n Fhiann de bheileam,
Do ’n charaid aontach àine, a thainig a iomall Ullanaich.
Agras Eimhear an fhuilt truime a cunradh air Chonchulain,
Na h-eoin mar gheall dith gun sgeul ’n a h-aghaidh umpa;
Da uair no tri tillear leis na h-eoin ald ’s nior amais,
Gur leum cobh mar a chuir tri urchuir thar na h-eunaibh;
An t-urchuir riamh roimh sin dhol da dhaltan gabhaidh,
Gun mhuirn air mhnathan de bhlagh, riamh ach caoine ’s an allan;
Ré bliadhna ni deachaidh dha ach tuirse an Fheinn seach,
Ni h-e imeachdaich nan Fheinn is ion leat ach an t-ursgeul;
Ma ’s fior an t-aithris a gheibhear nach tearuinn an Cu o’n
chraoibh,
Slat bhar-gheal de ghràdh mhnatha, le bhi a bhuaidh ach ...
... min fa dheireadh beagan ...
... féin an t-sealg, chuir e dithis air gach aon ...
Thu fein agus Garaidh, taobh air thaobh an Fheinn ...
Gun d’fharraid Fionn de Gharaidh, air suidhe dha ’n a aire;
O’n is tusa do bhi ann, Cionnus a mharbh sibh Cumhal?
Do bheirse dhuit mo bhriathar, air bhi dhuit orm ’g a iarraidh,
Gur h-i mo lamh shleiteach lom, chur an ceud ghath ’an Cumhal;
Fuar an caidreamh dhomhsa sin, a chlanna Moirne mar ghille,
Is fulangas ro mhor dhomh, dh’ fhios duibh m’athair a mharbhadh.
Ma ’s fuar an caidreamh leat sin, Fhinn Mhic Cumhail a h-Almhuin,
Leig an caradradh buinsgion, ’us tog an alltas choitchin.
An tog mise dhibh lamh, a chlanna Moirn is mòr grain,
Fa tualaing mise uile, fuair gur cuidich aon duine.
Mus do ghluais thusa sin, imeachdain air slighe d’athar,
Bu leimeanar sinn air linne mur bhi aon ealadhain Chumhail;
Cumhal chuir sinn am buaidhibh, Cumhal thug oirnne mor ruathar,
Cumhal do dhiochuir a mach, sinn do chriochaibh nan coimheach,
Chuir dream dhinn an Albain fhinn, us dream eile ’an dubh Lochlainn,
An treas dream ’s a Ghreig ghile, bithead o chéile air ioman.
Bhitheamar se bliadhna deug a h-eugmhais Eirinn ’us nior bhreug,
Nior bheag an smachd duinn, sinn gun fhear diubh fhaicinn,
An ceud la chaidheamar air tir dh’ Innis Eirinn o’n bhitheamar,
Mharbhar dinn ’us nior bhreug, ré se deug ceud ri aon la;
Do mharbhas clanna Moirn de ’n laochaibh ...
Nochar robh aon duine dhiubh sin nach cumha ceud ...
Gonadh caslain do ghalnaibh, clanna Moirne mòr mheanmnach
An cinneadh féin bu shleiteach ann am fianuis fhear an Eirinn.
Air do laimhse, olaich na Feinn, cha-n fhacas shoir no shiar,
Aon ni thug pasg air mo shuil, ach a faicinn a chosgraidh;
Thug se tioma fa ’m chridhe ri faicsinn na slionachaidh,
Thugamar an aon tigh an criochaibh Mumhain mur dhearga;
A ro ghaisge an fhir b’ usaide dhuinn fhaighinn a mharbhadh,
Gun diubh air an tulaich thall, am bu bheo daoine chlann Chumhail;
Rinneamar ruith nach robh mall, gus an tigh ’s an robh Cumhal,
Thugamar guin dhomhain gach fear, an corp Chumhail dh’ ar
sleaghaibh;
Ger ga ’r rugadh mise ann, an uair a mharbhadh Cumhal,
Na gniomharan so ma tha, diolamsa orra, bhamar là.
La dh’ a robhamar.

[Sidenote: ANCIENT.]

A houdir so Duncha mor voe lawenacht.

Mark dwnna a cayle a zoo agis ga vil schrow di zanna
Agus na ead gawal loa is nach ool wea no hawe
Agis nach synni corri na port is nach gawe gin locht leye
Agis nach skurre di chrwt veynni is nach synni mir is meynni
As marg nach skur da dryng drang agis di rann di ray
Agis na cluntyr a chrwt is nach tuggis a zayn
As marg na toyr toye da chael is nach cumi a feyn slan
As marg a ver trass gi trog ar a vess na rig a lawe
Da be mi vean annsyth vess neach foygin a zrab go hard
Di zoofin a cranni fa vonni ga bea neach er a cur merg.
Mark.

A houdir so gilliecrist talzyr.

Bennycht di hylych a threnoite a ree pharris port nyn layk
Di hylych ner zann dit zoe how fan di zalve vlli ead
Is dutti di chommi seil nawzoe di zroy derk er da nyn sow
Ir a vennych port is pobbil malych di lwcht coggi cwlli
A ta chonurt curst chwllan danew wlk er clannow reicht
Gyn glwnnum ayr ni gonn gunnith is lane gi glenni dolli zeive
A lucht cogge er clanni awzoe o nach fadr vea nane dost
Na geltow a chew ra chael ferten ree nyn grein a gosk
A lucht cogge er clan awzoe di fre lucifer nyn lube
Na leg foiss na dein dyn drong soo losk a re nyth solsi sowd
Er deess eich chappil clawych nor is lane dyn choynnyth chwlle
Werrid wpe in nucht nyth selga leggi brucht a melga moe
Mallich nyth selga is a worloye deess eich keithryth is chrwe
Di chur drwme ra foyd ni foiche skeiltir kinni a zassre zoe
A ta gassre vaddi vasslaie er layr inche ald art
Lane truddyr ead treg a threnoit curseir ead a venoit valk
Ga zemmi crakkin chon alta agin wm clarsi is wm chrute
Cha terga clakin foyr fallwe aggin on chonni aalle wlk
Yr crisd dan sneicht seachin o loch chabbir gow ryn frewith
Loyth a gonnil da gorpe knawe orchis olk a raith rweith
Gon ga nerrik sen er scherchew di vak robert nyn royk tee
A lach venour ni glenni gust is lenonr kenn curst er claa
A vil o vinni zulbin zrenta di vaddrew sooss gu shrow tolve
Fissi er selgow sissi a soig derk ayr o christ ulli orve
Gi glwnnym is me in nynvr nissa meilchon skeilli nyn skonni
Marg ma nea balle ni bokneach gon dea gallyr tutmych trommi
Scawych connyth elsi is aggait er lucht varve nyn grey glass
Mak dey lai chre noy nawelych gyth sneach a choyn anvych ass
Loska gi sywe hay scheith chellin a oone stewart nyn stead braafe
Mas ber woym gir shreyth schranwoor a choyn zranith zranwor uigh
Er zarri oyone steadzil stewart cha learroith cabbir gyn chenn
Is ead er chollew cass corrych a choynnyth zlassi vongi hoenni.
Bennych di hylych.

[Sidenote: MODERN.]

Is e ùghdair so Dunchadh mòr o Leamhanach.

Mairg duine a chaill a ghuth, agus ’g a bheil sriuth r’a dheanamh,
Agus nach fhaod gabhail luath, is nach oil bhi ’n a thàmh,
Agus nach seinn cor no port agus nach gabh gun lochd laoidh,
Agus nach sguir de chruit bhinn, ’us nach seinn mar is miann,
Is mairg nach sguir dhe dring drang, agus de rann do ràdh,
Agus nach cluinntear a chruit, ’us nach tuigear a dhàn,
Is mairg nach toir toigh d’a chàil, ’us nach cinn e féin slàn,
Is mairg a bheir treis gu truagh air a mheas nach ruig a làmh,
Na ’m bitheadh mo mhiann anns a mheas nach fhaighinn a ghrabadh
gu h-àrd,
Do ghearrainn an crann fa ’bhun, ge bith neach air an cuiream fearg.
Mairg.

Is e ùghdair so Gillechriosd Tàillear.

Beannaich do theaghlach a Thrianaid, a Rìgh Pharrais port nan leug,
Do theaghlach nior dhean de’d dhubh, thu féin do dhealbh uile iad,
Is duit do chumadh siol Adhaimh, de ghruaidh dearg air dath
nan sùgh,
Fhir a bheannaich port ’us pobull, malluich do luchd-cogaidh cùil.
A ta conairt cursta chuilean, ’deanamh uilc air clannaibh rìgh,
Gun cluinneam fabhar nan con guineach, is làn gach gleann
dùile dhiubh.
A luchd cogaidh air clannaibh Adhaimh, o nach faodar bhi ’n an tosd,
’N an geall a chaoidh ri chéile, feartan Rìgh na grinne a chosg.
Luchd-cogaidh air clann Adhaimh, de frith Lucifeir nan lùb,
Na leig fois, na dean do ’n droing so, loisg a Rìgh na soillse sùd.
Air dhithis eich chapuill clamhach, ’n uair is làn de ’n
chuainibh chùil,
Bheirid uaipe an uchd na seilg, leigeadh brùchd am meilge muigh.
Malluich na seilg ’us a mhortlath, dithis eich ciar ’s a chruth,
Do chur druim ri foid na faiche, sgaoiltear cinn a ghasraidh dhuibh.
A ta gasradh mhadadh mhaslach, air lathair Innse Ald ard,
Lan trudair iad, treig a Thrianaid, cuirear iad a bhinnid bhalg.
Ge iomadh craicionn chon alda, againn um chlarsaich ’us um chruit,
Cha teirc claigionn fuar falamh, againn o’n chon alda uilc.
Athair Chriosd dean snaigheadh seachuinn o Lochabair gu Raon
Fraoich,
Luath an conuil do’n corp cnàmh, Oich! is olc a radh ribh.
Gun gu’n éiric sin air saorchu, do Mhac Robaird nan gruaig tigh,
O Loch Mhenachoir nan gleann gusda, is lìonmhor ceann curst air clì.
A bheil o Bheinne Ghulbain ghrìanta, de mhadraidh suas gu
sruth Toilbh,
Fios air sealgaibh sios a soigh, dearc faighear o Chriosd uile
oirbh.
Gu cluinneam ’us mi an Inbhirnise, miolchoin a sgaoileadh nan sgonn,
Mairg mu’n iadh boile nam boganach, gun d’iadh galar tuitmeach trom.
Sgiamhach con uailse a’s agad, air luchd-marbhaidh nan greidh glas,
Mac Dé l’a chridhe naomh neamhaidh, gu snaigh a chuain ainbheach as.
Loisg gach saobhaidh tha ’n Sith Chailein, a Eoin Stiubhart nan
steud breagh,
Mas beir uam gu’r sreith srannmhor, a chuain dhreunach ghreannar
ribh.
Air Gharaidh Eoin steudghil Stiubhart, cha léir dhomh cabar gun
cheann,
’Us iad air choillibh cas corrach, a chonairt ghlas mhuinge th ’ann.
Beannaich do theaghlach.

[Sidenote: ANCIENT.]

A houdir so gilliecallum m’yn olle.

Ne heyvynis gin clyne donil ne coric veith nane naguss
In cland dyth bar sin gronevyth gir zeve gych done catew
Clann is ser zor zawe in rowe angnew is awziss
Clann zar woil ne terin in rowe creud is crawee
Clann chunlych chalmyth chroyth clann byth loyth in namm throd
Clann byth venyth in mesk beo is byth chalmyth in gogyth
Clann byth lenour orryth di oar anyth is ayrewe
Clann nar chattyth er egliss clann lor veggil in ganyth
Gythy ane albin oyn clann in croye zawe best
Gane royve tress gyth ter sawik eil er zasg
Clann bi vow is bi vir clann bi zrennis bi raith
Clann di barsingyth crei di bar fydin is feil
Mek rei nar hoyla in ner in royve dyntyth is trome
Fir alda olsai one nour in royve brontych is boke
Clann di bar feine is fasgyth clann di bar gasg lawe
Olk lome gyrrit ernyth in ve lar sneyve in snaitht
Ner bait nyth drochir voyr na ni fir lowore lage
Re dol in nanit volc fir nach croye nyth cragi
Clann gin nouor gin naikgor nar zove ach eddoil chogge
Gar vonnyth den olsai is gar vonyth boddi
Mark vor ruggi in nyin mark a zyil rane gaddrew
Gyn nyne clann mir clann donil ser clann byth chorit agna
Gyn arew er yth urdil gyn concta er in dossew
Gyn creich gyn tuss gyn derra er anyth ag in olsewe
In dossych clynnyth donil de vee folim ga faynyth
Is di wi nane derryth fein is anyth is nar
Er vrone is er hursa dyth reyggis twgss is folym
Gyth inne orcht reggis ne heyvenis gin chlynn donil
Bi trane geith in torrin, fan acmaa chrionda corit,
Ga tayd in dew fa zevis, ne hevynis gin chlynn donil
Na sloye vor is in grinne, ym murn si myr si wonyth
Ne gorith vi na vaguss, ne hevynis gin clynn donil
Makane lave na wymmyth dor seryth er gych dorin
Ga ta ai zone delis ne hevynis gin chlynn donil.
Ne heyvynis.

* * * * *

Ochagane is sai so in kenn di we er connil ny gormlane
In kenn za doaryth ein nwlli, di bossil ay is di binvin
Ochagane is sai so in towill di we in kenn connil knessi
In towle ma nea in narvryth di beale ee is boskirrych
Ochagane is a so in bail er nach doar filli fanskail
Bail tani is derkga na nwlle blass mallith er bail connil
Ochagane is a so in lawe we er connil mak skanlainn
Lawe firre bi chroeith in nymzwn lawe chonnil mi cheadinvin
Ochagane is a so in teive riss in seinmist ir sliss ser
Is sa maddi oo mwlli gow moil o laei ooyn er a heive
Ochagane is e so a chass nach teycha rooe leich za awivyf
Cass firri bi chroith in gaiew cass vec skanlane ska
Oych is sa in raa vee an connil gith traath mwcht
In nocht harrych nyth skail is sai balle nyn dear is ni noch
Ochagane.

[Sidenote: MODERN.]

A h-Ughdair so Gillecallum Mac an Ollaimh.

Ni h-aoibhneas gun chlann Domhnuil, ni comhrag bhi ’n an eugmhais,
A chlann do b’ fhearr ’s a chruinne, gur dhiubh gach duine ceud,
Clann is saoire de ’r gheibh, an robh eangnath agus aghais,
Clann do ’r mhoil na tìrean an robh creidimh ’us cràbhadh.
Clann chunbhalach chalm chrodha, clann bu luaithe an am throd,
Clann bu mhìne am measg bheotha, ’us bu chalma a chog,
Clann bu lionmhor orra, do fhuair aithne ’us aireamh,
Clann nar chathaich air eaglais, clann le ’r am b’eagal an càineadh,
Gach aon an Albainn uaine, a chlann is cruaidh ghabh baisde.
Dh’ an robh treas gach tìre, seabhag fhial air ghaisge,
Clann bu mho ’us bu mhear, clann bu ghrinn ’us bu réidh,
Clann do ’m b’fharsuinn cridhe, do b’fhearr foighidin ’s féile,
Mic rìgh nior thoill an aor an robh diontachd a’s troma,
Fir allda uailse o’n uair, an robh bronntachd ’us bochda,
Clann do ’m b’fhearr fion ’us fasgath, clann do ’m b’fhearr
gaisge laimh,
Olc leam giorrad earnaidh, a bhith le ’r sniomhadh an snàth,
Nior b’iad na droch fhir mhiodhar, no na fir liomhara laga,
Ri dol ann an ionadaibh olc, fir nach cruaidhe a chraig.
Clann gun uabhar, gun eucoir, ’n uair gheibh iad eudail chogaidh,
G’ar bhuineadh daoine uailse, agus ’g ar bhuineadh bodaich,
Mairg o ’r rug an dion mairg a dheilich r’ an caidrimh,
Gun aon chlann mar chlann Domhnuil, saor chlann bu chomhrad aigne.
Gun aireamh air an urdail, gun chuntadh air an duaisibh,
Gun chrioch, gun tùs, gun deireadh, air eineach aig an uailsibh.
An toiseach chlann Domhnuil, do bhi foghlum ’ga àithneadh,
Agus do bhi ’n an deireadh, fion ’us eineach ’us nàire.
Air bhròn ’us air thursa, do ruigeas tuigse ’us foghlum,
Gach fhineadh orra ruigeas, ni h-aoibhneas gun chlann Domhnuil.
Bu treun gaoth an torrunn, fa ’n aicme chrionda chomhrad,
Ge taid an diugh fo dhimeas, ni h-aoibhneas gun chlann Domhnuil.
Na sloigh mhòr ’us an greann, am muirn, am meaghar s’ am
foghainteachd,
Ni còire bhi ’n an eugmhais, ni h-aoibhneas gun chlann Domhnuil.
Macan laimh a mhuime d’fhuair saoradh air gach doruinn,
Ge ta e dhuinne dìleas, ni h-aoibhneas gun chlann Domhnuil.
Ni h-aoibhneas.

* * * * *

Ochagan! is e so an ceann, do bhi air Conull nan gormlann,
An ceann dha ’n d’fhuaradh an uil, a b’uasail e ’us a b’ionmhuinn,
Ochagan! is e so an t-suil do bhi an ceann Chonuill chneasda,
An t-suil mu’n iadh an fhabhrad, do b’fhialaidh i ’s a b’osgarach.
Ochagan! is e so am beul air nach d’fhuair filidh fannsgeul,
Beul tana a’s deirge na ’n ubhal, blas meala air beul Chonuill,
Ochagan! is e so an lamh, bha air Conull Mac Scannlain,
Lamh fir bu chruaidh an iomghuin, lamh Chonuill mo cheud ionmhuinn.
Ochagan! is e so an taobh, ris an sìneamaid ar slios saor,
Is e madadh o Muile gu maol o luidh Eoin air a thaobh.
Ochagan! is i so a chos nach teicheadh roimh laoich dha bhitheadh,
Cas fir bu chruaidh an cathaibh, cas Mhic Scannlain sgiathach,
Oich! is e an rath bha an Conull gach tràth an bhi moch
An nochd theirig mo sgeul is e baile nan deur ’us nan och.
Ochagan.

[Sidenote: ANCIENT.]

A houdir so sayane chnoiddurt.

A chinn dermit a echarbre ga loyr hare agis toyill
Chay wor loymmi maid di zokgir ga teith i groith reith coyt
Cha troyg lwmmi fad zroyk zrannicht, no geith glennich
Chay troyg lom gae id chaylow a chinn dermit echarbre
Mark a smein a veyym brayd nach bee nawa di chardis
Ocht is mark nar heilli teachta a chinn dermit echarbre
Di willi letti reith eillith far ymirt eine is argit
Ga tey in drillis wr eyrnich a chinn dermit echarbre
Reith eilli nin gorn coythoill na chur honor er chartin
Mark a chreachta a chness neafzall a chinn dermit echarbre
Invin loym a wass werri na zoythle oyr no argit
Is lar wansich fley is feyth a chinn dermit echarbre
Ea rom er reith nyn nestill in teith faskis la ...
Duarrticht fest o feanon a chinn dermit echarbre.
A chinn dermit.

[Sidenote: MODERN.]

A h-Ughdair so Seathan Chnoideart.

A chinn Diarmaid O’Charbair, g’a leor airc agus tuaghal,
Cha mhòr leam meud do dhocair, ge ta e cruaidh ri chuadh.
Cha truagh leam fo do ghruaidh ghreannaich, na gaoithe gleannaich,
Cha truagh leam ’gad cheangladh, a chinn Diarmaid O’Charbair.
Mairg an smuain a bha am braghad, nach bu naimhdeas do chairdeas,
Och is mairg ’n uair shaoileadh teachd, a chinn Diarmaid O’Charbair.
Do mhilleadh leat Rìgh Ile, fear imirt fhion ’us airgid,
Dha ta an trillis ùr earnach, a chinn Diarmaid O’Charbair.
Rìgh Ile nan corn cuachail, a chuireas onoir air chairdean,
Mairg a chreuchd a chneas neamhgheal, a chinn Diarmaid O’Charbair.
Ionmhuinn leam a bhos mhear nach doichleadh òr no argiod,
’Us le’r b’annsa fleadh ’us fiadhach, a chinn Diarmaid O’Charbair.
Iarram air Rìgh nan Abstol an ti a phaisgeas le a fheartaibh,
D’a fhurtachd am feasd o phianaibh, a chinn Diarmaid O’Charbair.
A chinn Diarmaid.

[Sidenote: ANCIENT.]

Auctor hujus Gormlyee nee lyne.

Dwrsin wr er hwcht a neill dursin dowyn ir toyth er hoye
Gin terf in nolsyth na neif oss marf reith toyskyrte toye
Drwme re seill ewin in nae mir a zonee a zae wee
Wye er lyneff go leyr o clyne naill tayfrith in ter
Daik mee m’cwlenane keif waa me ag mirogane mor
Di beyvin mo hell ag neell gall mo naeve go ner ag oill
Da zeywyn fleygh agus feine di verre crye di gi clar
Ma ta seyh in naeild neiwe keit nach beeow neif ag neell
Nocha naga fer mir neell di bi zale ae ach a zlownyth
Fa math a waysith si naewe tass a cheyve is glass a howle
Dass freich er in warga vor teik in zeith sin nart da nar
Di chrommi in neyl er a zlown logis gin scur erri gin naell
Ni warris sonis na schee ne skurris a zeith za glor
Gin nassith er chroymg na er chreif o wass re on wothirn wor
Tre wass v’key in neell inde fa dolle dreym riss in dronig
Re gai beith coyth agis cwrn di heill chwyne is toyle teynn
Da essi is follew gi rath is trome mo chrye za chrow
Beith no zey gin deith ymbraach tayvir gin ta mir a dow.
Dwrsin.

Gormlee nee Lyne.

Ber a vanne lett di choss tokg in ness di heyve naill
Is rawor churris di chree er in tee la leyvfin feynn
Ro adde a teith a vanne bar a cur cree er naill nar
Go kayn voyt a charre zonn na bonny di wonni re lay
Na dowin gi daein in noye oich a chleyrre troye di hoisg
Toygga di neyll zlowndow zall ber a wanne lat di choss
M’eneyll in noyr inn ne dyn zoyn a we fa chriss
Faykgir a lechta is a ert ber a wanne lat di choss
Is mee gormlay chummis ryne nee lyne chroith ...
Na beith tessew er a lecht ber a wanne lett di choss.
Ber.

* * * * *

Creathtith sin a vakkeive vor ga bee sloye ler harli how
Ga ta tow gi tursich tinni is doe linni di weith fa clowth
X c long a greyg ni gayill is gin di weith ach trear sae
Di zayssi zoyve naew tarm is lea ymmirwe nassi ymboe
In sloyg sin gin nymit sleyg ne ymboe far weithe eieth.
Warwidir di hessir ser hugit id heive ymit caich
Zid turtich er neiw di zonni gwysyth ort agis gwe feynn
Er murrith waythr ni bocht mi pheddir lat is mo chre
Creathtih.

[Sidenote: MODERN.]

Auctor hujus Gormlaidh nic Fhlainn.

Dursan ùir air uchd an Neill, dursan doimhne fhir tuaith air ’uaigh
Gun tairbhe an uailse na niamh, o’s marbh rìgh tuaisgearta tuaith.
Druim ri saoghal aoibhin an aigh, mar a ghonadh dha a bhi,
Bhi air a shloinneadh gu léir o Chloinn Neill ta fri an tir.
Dh’ fhàg mi Mac Cuilenain caomh do bha mi aig Muireagain mòr,
Do b’aoibhin mo shaoghal aig Niall, geal mo niamh gun eur ag òl.
Do gheibhinn fleagh agus fion, do bheireadh credh do gach cléir,
Ma tha se an dail n-aoin, ciod nach bitheadh neamh aig Niall?
Nocha n’fhac mi fear mar Niall, do bu gheal e ach a ghlùn,
Fa maith a mhaise ’s a niamh, taise a chiabh ’us glas a shùil.
Dh’ fhàs fraoch air an fhairge mhoir, tig a ghaoth ’s a
neart de ’n ear,
Do chrom an Niall air a ghlùn leigeas gun sgur air gun eala;
Ni bheireas sonas no sìth, ni sguireas a ghaoth dhe a gloir,
Gun easbhuidh air chronag no air chraoibh, o bhàs rìgh o’n
mhuirn mhòr;
Troimh bhàs Mhic Aoidh O’Neill an dé, fa duilich dream ris an
droing,
Rìgh ge b’e cuach agus cuirn, do shiol Chuinn is tuaghal teann;
D’a easbhuidh is falamh gach rath, is trom mo chridhe d’a chruth,
Bhi ’n a dheigh gun dìth am bràth, an t-aobhar gu tathamar dubh.
Dursan.

Gormlaidh nic Fhlainn.

Beir, a mhanaich, leat do chos, tog a nis de thaobh an Nèill,
Is ro mhor a chuireas do chré air an ti le ’n luidhinn féin;
Ro fhada a ta a mhanaich shiar a’cur cré air Niall an àir,
Gu caoin uait a chara dhuinn, na buineadh do bhuinn ri làr;
Na duin gu dion an uaigh och! a chleirich truagh do thoisg,
Tog de Niall ghlundubh gheal, beir, a mhanaich, leat do chos;
Mac O’Neill an oir fhinn, ni de’m dheoin e bhi fo chrios,
Fàgair a leachd ’us a fheart, beir a mhanaich leat do chos;
Is mi Gormlaidh chumas rainn, nic Fhlainn chruaidh o Dhùn rois
Na bi ad sheasamh air a leachd, beir a mhanaich, leat do chos.
Beir a mhanaich.

* * * * *

Creuchdadh sin, a mhaca mhoir, ge bith sluagh le’r tharladh thu,
Ge ta tu gu tuirseach tinn, is toil leinn do bhi fo chliù;
Deich ceud long a Greig nan Gaidheal, is gun do bhi ach triar saor,
Do ghabhas dhoibh neimh d’ arm, ’us le iomarbhaidh an fhad ’s
am beò;
An sluagh sin gon iomadh sleagh, ni am beò fear bhi eachda,
Mharbhadar do sheisir saor, thug iad a ’d thaobh iomadh cath;
Dh’ ad fhurtachd air nimh do ghuinidh, guidheas ort agus guidh féin,
Air Muire mathair nam bochd, mo phaidear leat agus mo chreud.
Creuchdadh.

[Sidenote: ANCIENT.]

A houdir so so feylim m’ dowle.

Ne math swille sin donich ga bee chongvis in ter
Ne math meith clowth a chenich ne math fammyth mnaei begh
Ne math screyve gin oylwme ne math coyrin gi gortyth
Ne math erle gin wearle ne math marrych na voddych
Ne math espic gin varrin ne math aneive er hanor
Ne math saggirt er laithwlli ne math parsone gith derrell
Ne math longfort gin nimirt ne math innilt gi roith lessga
Ne math earlow gin termin ne math tempill gin relik
Ne math ben gin weith narrich ne far clarsich gin tead
Ne math coggith gin chalmyth ne math gawle phort gin warrich
Ne math meydin gith kantich ne math deyvris ir aneich
Ne math caslane gin iyr ne math darmit chon teach
Ne math gin wrrwm daithyr ne math lawirt ne meshga
Ne math skaane gin yvir ne math cleynith ni bree
Ne math cardis nin newill did vak a reithin rath our
Ga zoyrsee seill aw ne math zawsin a chroichyth
Ne math leyor gin twsgsyth ne math dwnni gin charit
Ne math fillith gin yvir ne math eilcloth gin tallyth
Ne math eadyth gin owkkith ne math sowkgryth gin garrith
Ne math meizneive aworrith ne math poissith gin nanyth
Ne math corroyn gin warrith ne math traive sin neich
Ne math eyggiss gin chawis ne math craw gin nenich.
Ne math.

* * * * *

Di quhoye missi robert feyn di vanistir in ney nwnni
Agis neir leagow mee is steach o nach royth mo venni fer rum.

* * * * *

Foyach lam anit a treyl foach lam clar er ym beith ben
Foyach lam dobbroyn is doith neill foyach lam balle mor gin zann
Foyach lam droch wen ag far math foyach lam flath er ym be groyme
Foyach lam doech annin is he der foyach lam donyth ser gyn stoyme
Foyach lam a choggi na heith nach a leggir a neith mane seacht
Foyach lam kannort garwe chroy foyach lam sloge nach dany cacht
Foyach lam beith faddi ri port foyach lam weith gi holg fane weig
Foyach lam ben eaddor is ee drow foyach lam con nach marw in feygh
Lesk lam dol in nerrin schear o nach marrin brane na fonn
Foyach lam brantrych gin wea marri foyach lam far is agne tromm
Foyach lam caillicht is olk naill agis a tangyth gi bar loith
Ne ea dwm a chorri in geyll gith neith in duggis feyn foath.
Foath.

[Sidenote: MODERN.]

Is e ùghdair so Pheilim Mac Dhughaill.

Ni maith siubhal ’s an domhnaich; ge bith chumas an t-saor.
Ni maith michliu a chinnidh; ni maith feamachd mnatha beith.
Ni maith sgriobhadh gun fhoghluim; ni maith caoruinn gu goirt.
Ni maith Iarla gun bheurla; ni maith maraich ’na bhodach.
Ni maith easpuig gun bharun; ni maith ainimh air sheanair.
Ni maith sagairt air leth shùla; ni maith parson gu dearoil.
Ni maith longphort gun imirt; ni maith innilt gu ro leisg.
Ni maith earfhlaith gun tearmunn; ni maith teampull gun reilig.
Ni maith bean gun bhi naireach; no fear clarsaich gun teud.
Ni maith cogadh gun chalmachd; ni maith gabhail phort gun mharaich.
Ni maith maighdean gu cainteach; ni maith doibhreas fhir ainfheich.
Ni maith caslan gun oighre; ni maith dearmad chon teach.
Ni maith gun urram d ’athair; ni maith labhairt na misge.
Ni maith sgian gun fhaobhar; ni maith claonadh na breth.
Ni maith cairdeas nan diabhul; do ’d mhac a rioghain rath oir,
Ge dh’ fhoir se siol Adhaimh, ni maith dhasan a chroiche.
Ni maith leughair gun tuigse; ni maith duine gun charaid.
Ni maith filidh gun aobhar; ni maith aoilchludh gun talla.
Ni maith eididh gun fhucadh; ni maith sùgradh gun ghàire.
Ni maith mighniomh aghmhora; ni maith pòsadh gun àithne;
Ni maith coroin gun bhàr; ni maith treabhadh ’s an oidhche.
Ni maith eigeas gun chaomhas; ni maith crabhadh gun aithne.
Ni maith.

* * * * *

Do chaidh mise Robart féin, do mhainisdear an dé a nunn,
Agus nior leigeadh mi a steach, o nach robh mo bhean marrium.

* * * * *

Fuathach leam bhi annaid a triall; fuathach leam clar air am
bi bean;
Fuathach leam dobhròn ’us dubhneul; fuathach leam baile mòr
gun ghean;
Fuathach leam droch bhean aig fear maith; fuathach leam flath air
am bi gruaim;
Fuathach leam deoch anmhuinn ’us e daor; fuathach leam duine saor
gun stuaim;
Fuathach leam a chogadh ’n a shìth; nach leig a ni mu ’n seach;
Fuathach ceannard garbh cruaidh; fuathach leam sluagh nach dean
cath;
Fuathach leam bhi fad ri port; fuathach leam bhi gu h-olc
mu ’n bhiadh;
Fuathach leam bean eudmhor ’us i drùth; fuathach leam cù nach marbh
am fiadh;
Leasg leam dol an Eirinn siar, o nach marrainn Brian nam fonn;
Fuathach leam bantrach gun bhi mear; fuathach leam fear ’us ’aigne
trom;
Fuathach leam cailleach is olc neul, agus a teangaidh gu beur luath;
Ni fhaodam a chur an ceill, gach ni dha ’n tugas féin fuath.
Fuathach.

[Sidenote: ANCIENT.]

Gerroyd erle.

Marga a leymis herryth a each tuggi gi nach less in naaill
Gin dimeich mi chwddi orm feyn ne ell feym be riss nyth mnawe
Mi wallich a mesgi nyth banni ga di weym schalli no in daill
Mer rew hay gin cheyle ne ell feym be riss nyth mnawe
A zayg a zeyrris gi moch ne weith scheith gin locht no dale
Da ganfeit ne by leyr ne ell feym be riss nyth mnawe
Farre lay heine wneith weiss gin rath far nach math in dossith nawe
Na kead lollich a neith geym ne ell feym be riss nyth mnawe
A wennith a neith in testyth dowf a zestis re gow is re glaiw
Mar gi bi na clossew keyr ne ell feym be riss nyth mnawe
Carit sche ferk er a fer keichlai genn riss gith dawe
Curresceith nedrumi a keyme ne ell feym be riss nyth mnawe
Da wakgit sche schillith a sowllith di zillanyth or won. ...
Ne zanic sche richt ach leym ne ell feym be riss na mnawe
Da wakkeith maedin or oyge za in durri poyk gith saive
Da ymbeith bayl deith weith er clar ne ell feym be riss nyth mnawe
Powysyth won altir is woyn cheill a laif in taggirt zrinn zrae
Dolle gi holgith is a mayn ne ell feym be riss nyth mnawe
Ne elli feym be riss nyth mnawe is eydde a glayf is a verg
Gi neach nach curri syn a geyll ne heddir nach d feyn is mark.
Marg.

[Sidenote: MODERN.]

Gearailt Iarla.

Mairg a leumas thar a each, tuigeadh gach neach leis an aill,
Gun d’imich mo chuid orm féin, ni bheil feum bhi ris na mnathaibh.
Mo mhallachd am measg nam ban, ge do bhitheam seall ’n an dàil,
M’ fhearaibh tha gun chéile, ni bheil feum bhi ris na mnathaibh.
A gheug a dh’ eireas gu moch, ni bhi sìth gun lochd n’a dàil,
Da canfaid ni bu léir, ni bheil feum bhi ris na mnathaibh.
Fear le h-aon mhnaoi bhitheas gun rath, fear gun mhaith an
toiseach nàmh,
Na ceud lullaich a ni geum, ni bheil feum bhi ris na mnathaibh.
A bhean a ni an t-éisdeachd domh, a dh’ éisdeas ri guth ’us
ri glaodh,
Mar gum bitheadh ’n a cluasaibh céir, ni bheil feum bhi ris na
mnathaibh.
Cuiridh si fearg air a fear, caochladh gean ris gach daimh,
Cuiridh si an eudruime a ceum, ni bheil feum bhi ris na mnathaibh.
Da faiceadh si sileadh an sùla, do ghillean ùr o’n ...
Ni dheanadh si ruith ach leum, ni bheil feum bhi ris na mnathaibh.
Da faiceadh maighdean ùr òg, dha’n toireadh pòg gu sèimh,
Da am bi beul do bhi air clàr, ni bheil feum bhi ris na mnathaibh.
Pòsadh o’n altar ’us o’n chill, á laimh an t-sagairt ghrinn ghràidh,
A dol gu h-olc ’us a mèin, ni bheil feum bhi ris na mnathaibh.
Ni bheil feum bhi ris na mnathaibh, is iad an glaodh ’us an fhearg,
Gach neach nach cuir sin an céill, ni h-eudar nach da féin is mairg.
Mairg.

[Sidenote: ANCIENT.]

Auctor hujus Andro tosschych.

Scoyd neyn dnnche a hayd eine scoyd is mow pleyd sloywg
Scoyd ag dae is a wreeith scoyd ni geith a harbill roy
Heill ni toythin mi vea balve is ni tre hoyvir gin ran woyme.

Auctor hujus im bard m’ynteir.

Cred eith in long soo er loch inchsyth na veadis a haithrynsyth
Cred hug in long er in loch is nach feadi ni fwnni a follych
Eaffre de bail lamm ka lar leggi in leythin
Er in locht fa lane fergith gith muth fa dail deveit
In garve zeith varri benni no in synteith serve schrowth zlen
Zoydith in cherwe won claddych er in choyne zarve zoyssidych
Ogleich chonnik in charve er in schrowth oyhorr ag garve
Keddey a heynyth na hynsyth na feyryth za forrinsyth
Senn long gin nearni gin derri ner iddir sinni a sawilt
Neyn lwng eith zi laythir lane gou twnni ni haythir imlane
Bwrdi zi skythew deilloik dowth o correw seiss na slissew
Tarni gin oyyme gai foyme er a woythchin ard inhor
Cred ee in lowht oyd sin lwg zoe ga torrin eddir honnew
An lwcht gin cheddrew gin cheyll baantrych in naknyth awree
Boein wroskgilyth wrewnych lot wr donnyth dechewnych
Scherryth connissych keikrych gyn nith donnith droch zentych
Droch lorg is laywryth fa linni coissryth cley nanyth cotchin
Flesk in goara gin choomn meskyth oyranith eddrwme
Coissryth tone zarve nin dolle tee ma za liss locha hynsith
Di boyl lit sin lwngi gi leyr er zrwme oyrree in nagwaill
Ben waith ne lawyth sin lwng lyit a heagin aggin
Beith ni mnawen is melsith er a vurri fest gin chaich ga in gowr
Royegir in long as in locht er in saill schrowth zarve swlich
Geith in lanvin ni lwg gow senn row nyth sanenych
Faik myn er in schrow seithnyth in long zonnicht zroithzenych
Si lane di wantrych ni baid sin taaill gin salmmi gin saale chread.
Creaddyth.

* * * * *

Torriskalle tyllich zownnolle grass lag wo ni dimmon tread
Innin din wroid sin is din waddyth keithkr gow foill wradde ead.

[Sidenote: MODERN.]

Is e ùghdair so Anndradh Toiseach.

Sgoid nighinn Dunchaidh a Thaid, aon sgoid is mo pleid sluaigh,
Sgoid aig Daibhidh ’us a mhnaoi, sgoid na gaoith á h-earball ruaidh.
Shaoil na tuathan mi bhi balbh, ’us na trì aobhar gun ràn uam.

Is e ùghdair so am bard Mac an t saoir.

Creud i an long so air Loch Innse, na dh’ fheudas a aithris,
Creud thug an long air an loch, nach faod na fuinn a folach.
Feòrach do b’aill leam, cia le ’r leigeadh an lion,
Air an loch fa làn feirge, gach mugha fa dàil do bhi.
An garbh ghaoth bhar beinne, no na sianta searbh sruth ghlinne,
Gheibhteadh a chairbh o’n chladach, air a chuan gharbh ghuaisideach.
Oglaich, a chunnaic a chairbh, air an t-sruth aghmhora gharbh,
Ciod e a h-ioghnadh ’n a innseadh na fhuaireadh d ’a foirinnse?
Seann long gun iarna gun deireadh, nior idir sin a samhailt,
An aon long de leathar làn, gu tuinn ni thathar iomlan.
Buirde de sgiathaibh deileig dubh, o coiribh sios ’n a sliosaibh,
Tairgne gun fheum ’g a faitheam, air a fuath chinn ard eanchair.
Creud i an luchd oighe ’s an long dhubh, ’g a tarruing eadar
thonnaibh,
An luchd gun chaidrimh gun chiall, bantraich an aigne aibhrigh,
Buidhean bhrosgalach bhruidhneach, lod ùr dona deuchainneach,
Sior chonasach, ciocrach, guineach, dona, droch-dheantach;
Droch lorg ’us labhradh fa leinn, coisridh cleamhanach coitchin,
Fleasg an comhradh gun chom, misgeach, oranach, eudrom;
Coisridh ton-gharbh nan dollaidh, ta ma dha shlios Loch Innse,
Do buaileadh leatsa an long gu léir, air dhruim odhar an eugbhail;
Bean mhaith ni lamhadh ’s an luing, liuthad a h-éigin againn,
Bithidh na mnathan is miosa air a mhuir, feasd gun cach ’g an
cobhar.
Ruagar an long as an loch air an t-sàil sruth gharbh siubhlach,
Gaoth an leanmhuinn na luinge, gu seann rubh nan Seananach.
Fàgaidh mi air an t-sruth seana, an long ghuineach dhroch-dheantach,
’S a làn de bhantraich nam beud, ’s an t-sàil gun salma gun
sal chreud.
Creud.

* * * * *

Tuairisgeul teaghlaich Dhunollaimh, gràs lag o na d’ioman treud;
Ionann do ’n bhrùid sin ’us do ’n mhadadh, ciocrach gu feoil
bhradaidh iad.

[Sidenote: ANCIENT.]

A houdir so oone m’murreich.

Nawyth zoe in dane da in dwgi cach sowd
Na lig a vekzey mee si feane in dew
Beg a heyle in skol mi zayn a zoll fowm
A dayn tarle rinn is schea zi weill meith
Is moo wulle dim zeith riss fa thre na ee
A tegwaill doo zowf di weith clooch no skay
Air wen in dayn deim is mor meith is merg
Kness mir chow er tonn glak chor is ...
Bail er dath nyn sowe trog mo chrow er schare
Od chotlysyth in ryir troyg a zea mo chorr
Di we sche far rowm er lwm kin gar royve
Gin ee ann o loo di choy er wroin doyth
Tin neach feicht coole russ is trom ri raye
Coyk fleska nin sneim it ta in nanm ni mna
Troyg gin eie fame wree er ni bree o cha ...
Da wyginsyth feyne gi rar hor in daw
Slygh chonchwllin charn each teyg in teach bane
Skayth corkrych kin zayk fai meith head er chath
Schewle eeche v’erge ga mor sin ra raye
Owch is mo fa rer mo zeith riss in dane.

Duncha m^{c}a pharsone.

Allex^r in di threig tw in zroyme na in vead schew a cur roeyve
er layr,
In dan schewe in bliyn gin zey na ym beith scheve mir schen gi brach
Cheith nein doaris di zen o teith tow gi schen laeth
Maiss er zroyme veiss in rath is mor hoayr how zi wath o zea.
Caithrir weith er oye in ir er fert allx^r oye ree
Di chansit brayr reith gin wreyk osskanni ni flath finzreyk
Dowirt in kaid er zeyve di wemirin ney fane reith
Sloye in doythin troyeg in dayll gay id taa in dew na anythrane
Di weith in ney dey reith in donane dwnne na warkkeich er
tallwon truma
Ga zea in tallow id ta in newe na warkkeich er a wonsin
Id dowirt in tress owdir glik weith ym beith in ney ag m’phillip
In newe ag nocha nell a heacht troeith zin talwon
Allex^r murnych mor allexandir hesgeith ergit is oyr
In newe erss in carrew far id ta in toyr gi hasgaissey
Mak phillip phelm oss crannew in ree oss ni readlainew
In toyr oss ni scheadew slane in meill moyr ossin braddane
In loyvin oss charrew gin blyi in nirwoye ossin nane laithe
Sleyw scheioyne oss gi sleywe slayne oss gi schrow schrow oyrrelane
In laik loyor oss ni cloichew in wurri oss minroythew
Sownirrich in warrith gin none ayne erri oss errow tallwon
Ayne err oss errew tallwon acht reith neyve is neyve hallwone
Reith teynni nin draid is nin dork kenni nin gaid agus nin garrith
Choyraa nin nowdir a beir er deacht er oye in nard reith
Ne chosswill ra beith zlar bainn er chansidir in caithrir.
Caithrir.

[Sidenote: MODERN.]

Is e ùghdair so Eoin Mac Mhuirich.

Nimheach dhomh an dàn, da an tuig cach sud,
Na leig a Mhic Dhé, mi ’s a phéin an diugh.
Beag a shaoil an sgoil, mo dhàn a dhol fo bhinn
An dàn tarladh ruinn, is si do mhill mi,
Is mo a bheil de ’m ghaoth, ris fa thri na i,
A teugbhail dubh dhomh, do bhi cloch ’na sgeith.
Air bhean an dàin tiom, is mor m’fhioch ’us m’fhearg,
Cneas mar chobhar tonn, glac chorr is deirge.
Beul air dath nan sùgh, tug mo chruth air soirthe,
O’d chodladsa an raoir, truagh a Dhé mo chor.
Do bhi si far rium, air leam gun gàire robh,
Gun i ann o lò, do chaidh air bhròn domh.
Duibh na fitheach a cul, ruis is trom a ràdh,
Coig fleasg ’n an snaim, a ta an ainm na mnath.
Truagh gun i fo ’m bhreith, air a breith o chach,
Da fhaighinnse féin, gu ri’r fhuair an daimh.
Sleagh Chonchulain charna, each Taoigh an eich bhain,
Sgiath chorcrach gun ghàig, fa maith h-iad air chath,
Siubhal eich Mhic Eirc, ge mor sin ri ràdh,
Och is mo fa réir, mo ghaoth ris an dàn.

Duncha Mac Phearsoin.

Alastair, an do threig thu a ghruaim, no am faod sibh a cur uaith
air làr,
An d’fhan sibh am bliadhna gun Dhia, no ’m bi sibh mar sin gu bràth,
Chaoidh ni ’n d’fhuaireas do ghean, o ta tu gu sean liath,
Ma ’s ann air gruaim a bhitheas an rath, is mòr a fhuair thu a
mhaith o Dhia.
Ceathrar bhi air uaigh an fhir, air feart Alastair uaibhrich,
Do chansaid briathra gun bhréig, os cionn an fhlatha Fionnghréige.
Dubhairt an ceud fhear dhiubh, do bhitheamar an dé fa ’n rìgh,
Sluagh an domhain, truagh an dàil, ge a ta an diugh ’na aonaràn.
Do bhi an dé rìgh an domhain duinn, ’n a mhareach air talmhainn
truime,
Gur e an talamh a ta an diugh, ’n a mharcach air a mhunsan.
A dubhairt an treas ughdair glic, bhi am bith an dé aig Mac Philip,
An diugh aige nocha ’n ’eil, ach seachd troidh dhe ’n talmhainn.
Alastair muirneach mòr, Alastair thasgadh airgiod ’us òr,
An diugh ars’ an ceathramh fear, a ta an t-òr ’g a thasgadhsa.
Mac Philip a phailm os chrannaibh, an ré os na reultanaibh,
An t-òr os na seudaibh slàn, am mial mor os na bradanaibh.
An leoghan os chairbhe gun bhlagh, am fireun os na h’eunlaith,
Sliabh Shioin os gach sliabh slàn, os gach sruth sruth Iordain.
An leug liomharra os na clachaibh, a mhuir os na mìnshruthaibh,
Sonmharach am fear gun on, aon fhear os fearaibh talmhainn.
Aon fhear os fearaibh talmhainn ach rìgh neimh is neo thalmhaidh,
Rìgh tinne nan treud’s nan torc, ceann nan ceud ’s nan garaidh.
Còmhradh nan ughdair a b ’fhior, air teachd air h-uaigh an airdrigh,
Ni cosmhuil ri baothghloir bhan, a’r chansadar an ceathrar.
Ceathrar.

[Sidenote: ANCIENT.]

A howdir soo ooyne m’murreich.

Fir albin is ne eayd a wayne mir marrin m’gregar
Kay leine di chorreich a chossgir maiss olli er allestir.

Finlay ym bard royg say howird soo.

Gyllyth gith seith zin each oozr gylli di weithis issi
Fo hee woyichis si chossni gi neith loyis missi
Urrwme a loytha ga cossew gow roythir a wreiss
Notythseith neynyth a tressi si cheillith ga soiwe
Ne oonyn sayd da caythwe re yig a reiyth
Ne ym braik torriskall in eachsin stead loyildach gast
In dow seywlin is ray is coswil na iyr in lay macha
Ga zarrik ym maid sie gossnew ne hor eaid na ir nathna
Mir bi kithly geith di knokew roith ni seith in dachis
Mor cayd lor awsych a swil hed mir hawsyth seachew
Each in nee serrith ri sayid a gneiwreith is granta
Leggis bann dossli a reith sin roythwr ma raithis
Ga fad in neachle rompyth ner anneith ym merkyth
Ga beg a wollich in neachsin a commis re altew
Coy zess a boy sa sowil in groyth syn laythith
Eggill in neych er gi donyth tegwe in gress chath
Ym weacht ym weayin in gomisk is each bray in teachsin
Grainyth er a vor each gi vasgill in genn chor wratty
Ver in stoyg ullingyth hogryth urrwme sloyg za in merkych
Hed one chorri di weith er hossi in mor each meine masklych
Berre boye reith agis choskir ga teith in nor eskir
Gow hassge oorchrissi wllew mor crith er faiche
Gow beithga cronni layvin crowich meine drumelayn dattyth
Each fa horriskail an neichsin di cholyth ma agga
Ca royve sessi reyve fa chommis ne vestyth in layth macha
M’gregor kennord in neichsin trane na zlan phort philli
Tigfeit one vanve gai wollith in nalbin ga hirri
Fer churris argnyth er zallew is arbsi ra zyllyth.

[Sidenote: MODERN.]

Is e ùghdair so Eoin Mac Mhuirich.

Fir Albain ’us ni iad a mhàin, mar marrainn Mac Grigoir,
Cia lion do chorruich a chosgair, maise uile air Alastair.

Fionnladh am bard ruadh is e thubhairt so.

Gaidhealach gach sith dhe ’n each odhar, gaidheal do bhitheas ise,
Fa h-i a bhuadhaicheas ’s a chosnadh, gach ni a luaidheas mise,
Urram a luaithe dh’ a cosaibh, gu ruathar a bhris.
Nodasach neimhneach a treise, ’s a chill ge soitheamh,
Na h-eoin siad do chathadh ri aghaidh a ruith.
Ni breug tuairisgeul an eich sin, steud luailteach gasd,
An Dubh-seimhlin is rithe is cosmhuil, na aidhre an Lamacha.
Co ionraic am meud ’s an cosnadh, ni fhuair iad r’a ’r n-eachne,
Mar bhi caochladh gaoithe de chnocaibh, ruith ’n a sith an
t-each so.
Mòr ceud le’r annsa a siubhal, theid mar amhas seachaibh,
Each a ni searrdha ri saighid, a gniomhara is grannta,
Leigeas bann d’uailsibh a ruith, ’s an ruathar mar rachas,
Ge fad an eachlaidh roimpe, nior aineimh a marcach,
Ge beag a mholadh an t-each sin, a coimeas ri ealtaibh.
Co dheas a buaidh ’s a siubhal, an cruaidh ’s an làthaich,
Eagal an eich air gach duine, tigeadh an greas catha.
Am feachd, am fiadhain, an coimeasg, is each breagh an t-each sin,
Greann air a mhor each sin, ’ga mhasguill an ceann chorr bhrataich.
Bheir an stuagh fhulaingeach thograch, urram sluaigh dh’a marcach,
Theid o ’n choire do bhi air thoiseach, am mor each mìn masgalach.
Beiridh luaidh ruith ’us chosgair, ge ta an uair fheasgair,
Gu thaisgeadh or-chrios ullamh, mor chrith air faiche.
Gu biodhgath, cruinn, leamhainn, crodhach, mìn, druim leathan,
daite,
Each fa thuairisgeul an eich sin, do chuala mi aca,
Cia robh seis riamh fa choimeas, ni bheisd an Lamacha.
Mac Grigoir ceannard an eich sin, treun a ghlain phort filidh,
Tigead o ’n Bhanbha ’g a mholadh, an Albain ’g a shireadh.
Fear chuireas airgneadh air Ghallaibh, ’us earbsadh
ri ’Ghaidhealaibh.

[Sidenote: ANCIENT.]

Finlay royg in bard.

Comments

Log in to leave a comment.

The Dean of Lismore's Book: A Selection of Ancient Gaelic PoetryChapter XIII: Introduction (12)

0%33 min left in chapter